Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 23:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mic Mhusi: Machli, agus Eder, agus Ieremot, triùir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus fhuair Eleàsar bàs, agus cha robh mic aige, ach a‑mhàin nigheanan: agus ghabh am bràithrean, mic Chis, iad.

B’iad sin mic Lèbhi, a rèir taigh an athraichean, cinn nan athraichean, mar a dh’àirmheadh iad le àireamh an ainmean air an cinn, a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, o aois fichead bliadhna agus os a chionn.

Agus mic Mhusi: Machli, agus Eder, agus Ierimot. B’iad sin mic nan Lèbhitheach, a rèir taigh an athraichean.

Agus deasaichibh sibh fhèin a rèir taigh ur n‑athraichean, a rèir ur roinnean, mar a sgrìobh Daibhidh rìgh Israeil, agus mar a sgrìobh Solamh a mhac;

Agus shuidhich e, a rèir riaghailt Dhaibhidh a athair, roinnean nan sagart a‑chum an seirbhis, agus na Lèbhithich a‑chum an cùraim, a mholadh agus a fhrithealadh am fianais nan sagart, a rèir dlighe gach là; agus na dorsairean a rèir an roinnean aig gach geata: oir mar sin dh’àithn Daibhidh, òglach Dhè.

Agus mic Mherari: Mahali agus Musi: is iad sin teaghlaichean Lèbhi, a rèir an ginealaichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan