Agus b’iad mic Elièseir: Rehabiah an ceann. Agus cha robh aig Elièser mic sam bith eile; ach bha mic Rehabiah ro‑lìonmhor.
Mic Ghersoim: Sebuel an ceann.
Mic Itsair: Selomit an ceann.
A‑thaobh Rehabiah: de mhic Rehabiah, an ciad fhear Isiah.
Agus bha Sebuel mac Ghersoim, mhic Mhaois, na àrd-fhear-riaghlaidh air na h‑ionmhasan.
Agus a bhràithrean le Elièser: Rehabiah a mhac, agus Iesaiah a mhac-san, agus Ioram a mhac-san, agus Sichri a mhac-san, agus Selomit a mhac-san.
Agus b’e ainm an fhir eile Elièser, (oir rinn Dia m’athar, thubhairt e, còmhnadh rium, agus shaor e mi o chlaidheamh Phàraoh).