Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 23:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis mu thimcheall Mhaois, òglach Dhè, bha a mhic air an ainmeachadh de threubh Lèbhi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Mic Mhaois: Gersom agus Elièser.

Agus sheas iad nan àit a rèir an riaghailt, a rèir lagh Mhaois, òglach Dhè: agus chrath na sagartan an fhuil a ghabh iad o làimh nan Lèbhitheach.

Agus sheas Iesua mac Iosadaic suas, agus a bhràithrean, na sagartan, agus Serubabel mac Shealtieil, agus a bhràithrean, agus thog iad altair Dia Israeil, a dh’ìobradh ìobairtean-loisgte oirre, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè.

A Thighearna, bha thusa ad ionad-còmhnaidh dhuinn o linn gu linn.

Agus is e seo am beannachadh leis an do bheannaich Maois, òglach Dhè, clann Israeil ro a bhàs.

An sin thàinig clann Iùdah gu Iosua ann an Gilgal; agus thubhairt Càleb mac Iephuneh an Ceniseach ris, Tha fhios agad air an nì a thubhairt an Tighearna ri Maois, òglach Dhè, am thaobh-sa, agus ad thaobh fhèin, ann an Cadeis-barnea.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan