Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 23:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mic Amraim: Aaron agus Maois; agus dhealaicheadh Aaron a‑chum gun naomhaicheadh e na nithean ro‑naomh, e fhèin agus a mhic gu bràth, gun loisgeadh e tùis an làthair an Tighearna, gum frithealadh e dha, agus gum beannaicheadh e a ainm gu bràth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

38 Iomraidhean Croise  

Mic Chohait: Amram, Itsar, Hebron, agus Udsiel, ceathrar.

Agus mic Amraim: Aaron, agus Maois, agus Miriam. Agus mic Aaroin: Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar.

Mhic Elcanah mhic Ierohaim, mhic Elieil, mhic Thoah,

Agus ghabh iad farmad ri Maois anns a’ champ, agus ri Aaron, sagart naomh an Tighearna.

Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg-san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad.

Agus nì thu leac de òr fìorghlan, agus gearraidh tu oirre, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA.

Agus naomhaichidh mi pàillean a’ choitheanail, agus an altair: naomhaichidh mi, mar an ceudna, Aaron agus a mhic, gu frithealadh dhomh ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus ghabh Amram Iochebed, piuthar a athar, dha fhèin na mnaoi, agus rug i dha Aaron agus Maois: agus b’iad bliadhnachan beatha Amraim ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead.

Agus a‑chum gun cuir sibh eadar-dhealachadh eadar naomh agus mì‑naomh, agus eadar neòghlan agus glan;

Agus thubhairt an Tighearna ri Aaron, Giùlainidh tusa agus do mhic, agus taigh d’athar maille riut, euceart an ionaid naoimh; agus giùlainidh tusa agus do mhic maille riut euceart ur sagartachd.

Agus b’e ainm bean Amraim Iochebed, nighean Lèbhi, a rug a màthair do Lèbhi anns an Eiphit: agus rug i do Amram, Aaron, agus Maois, agus Miriam am piuthar.

Agus o Chohat bha teaghlach nan Amramach, agus teaghlach nan Idseharach, agus teaghlach nan Hebronach, agus teaghlach nan Udsielach: is iad sin teaghlaichean nan Cohatach.

A rèir gnàth na sagartachd, b’e a chrannchur tùis a losgadh, air dha dol a‑steach do theampall an Tighearna.

Agus air dhaibh a bhith ri ministrealachd don Tighearna, agus a’ trasgadh, thubhairt an Spiorad Naomh, Cuiribh air leth dhòmhsa Barnabas agus Saul, a‑chum na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.

Pòl, seirbhiseach Iosa Crìosd, a ghairmeadh na abstol, a chuireadh air leth a‑chum soisgeul Dhè,

Ach nuair a b’i deagh thoil Dhè, a sgar o bhroinn mo mhàthar mi, agus a ghairm mi tre a ghràs,

Anns an àm sin chuir an Tighearna air leth treubh Lèbhi, a ghiùlan àirc coicheangal an Tighearna, a sheasamh an làthair an Tighearna gu frithealadh dha, agus a bheannachadh na ainm, gus an là‑an‑diugh.

Agus thig na sagartan, mic Lèbhi, am fagas; (oir iadsan thagh an Tighearna do Dhia gu frithealadh dha fhèin, agus gu beannachadh ann an ainm an Tighearna;) agus a rèir am facail-san crìochnaichear gach uile chonnsachadh, agus gach uile bhuille.

Agus cha ghabh aon duine an t‑urram seo dha fhèin, ach an tì a tha air a ghairm o Dhia, mar a bha Aaron:

Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh-chathrach.

Agus an do thagh mi e à treubhan Israeil uile gu bhith na shagart agam, a dh’ìobradh air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar èphoid am fhianais? Agus an tug mi do thaigh d’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan