Agus b’e Iahat an ceann, agus Sidsa an dara fear: ach cha robh mòran mhac aig Ieus agus Beriah; uime sin bha iad ann an aon àireamh, a rèir taigh an athraichean.
Mic Amraim: Aaron agus Maois; agus dhealaicheadh Aaron a‑chum gun naomhaicheadh e na nithean ro‑naomh, e fhèin agus a mhic gu bràth, gun loisgeadh e tùis an làthair an Tighearna, gum frithealadh e dha, agus gum beannaicheadh e a ainm gu bràth.
Is iad seo teaghlaichean nan Lèbhitheach: teaghlach nan Libnitheach, teaghlach nan Hebronach, teaghlach nam Mahlahach, teaghlach nam Muisitheach, teaghlach nan Corahach: agus ghin Cohat Amram.
Agus o Chohat bha teaghlach nan Amramach, agus teaghlach nan Idseharach, agus teaghlach nan Hebronach, agus teaghlach nan Udsielach: is iad sin teaghlaichean nan Cohatach.