Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 23:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis nuair a bha Daibhidh sean agus làn de làithean, rinn e Solamh a mhac na rìgh air Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

An sin thug Abrahàm suas an deò, agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, na sheann duine, agus làn de bhliadhnachan; agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir.

Agus thug Isaac suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir fhèin, agus e na sheann duine agus làn de làithean. Agus dh’adhlaic a mhic Esau agus Iàcob e.

A‑nis bha rìgh Daibhidh sean, agus air teachd air aghaidh ann am bliadhnachan: agus chòmhdaich iad e le aodach, gidheadh cha do ghabh e blàths.

An ann lem thighearna an rìgh a rinneadh an nì seo, agus nach tug thu fios dod sheirbhiseach cò a shuidheas air rìgh-chathair mo thighearna an rìgh na dhèidh fhèin?

Amhail mar a mhionnaich mi dhut air an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Gu deimhinn rìoghaichidh do mhac Solamh ann am dhèidh-sa, agus suidhidh e air mo rìgh-chathair ann am àite; gu cinnteach is ann mar sin a nì mi an‑diugh.

An sin shuidh Solamh air rìgh-chathair Dhaibhidh a athair, agus dhaingnicheadh a rìoghachd gu mòr.

Agus chruinnich e an ceann a chèile ceannardan Israeil uile, agus na sagartan agus na Lèbhithich.

Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil.

Agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, làn de làithean, de shaoibhreas, agus de urram; agus rìghich Solamh a mhac na àite.

Thig thu ann an làn aois a‑chum na h‑uaighe, mar a chuirear suas cruach arbhair na h‑àm.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan