Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 22:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’àithn Daibhidh na coigrich a bha ann am fearann Israeil a chruinneachadh an ceann a chèile; agus chuir e clachairean a ghearradh chlach snaidhte a thogail taigh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus saoir, agus clachairean; agus thog iad taigh do Dhaibhidh.

Agus nuair a bha an taigh ga thogail, thogadh e de chlachan air an cumadh mun tugadh da ionnsaigh iad: agus cha chualas òrd no tuagh, no inneal iarainn sam bith, anns an taigh, nuair a bha e ga thogail.

Agus do chlachairean, agus do luchd-snaidhidh chlachan snaidhte a chàradh briseadh taigh an Tighearna, agus airson gach nì a chuireadh a‑mach air an taigh ga chàradh.

Do shaoir, agus do luchd-togail, agus do chlachairean, agus a cheannach fiodha, agus chlach snaidhte, a chàradh an taighe.

A‑nis chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus clachairean, agus saoir, a thogail taighe dha.

Agus thubhairt Daibhidh an rìgh ris a’ cho-chruinneachadh uile, Tha Solamh mo mhac den do rinn Dia a‑mhàin roghainn, òg agus maoth, agus tha an obair mòr: oir chan ann airson duine ach airson an Tighearna Dia a tha an lùchairt.

Agus gearraidh sinne fiodh à Lebanon, a rèir gach feum a bhios agad; agus bheir sinn ad ionnsaigh e na ràthan air muir gu Iopa; agus bheir thusa suas e gu Ierusalem.

Agus dh’àireamh Solamh na coigrich uile a bha ann an tìr Israeil, an dèidh an àireamh leis an d’àireamh Daibhidh a athair iad; agus fhuaireadh ann dhiubh ceud agus lethcheud mìle agus trì mìle agus sia ceud.

Ach thug iad airgead do na snaidheadairean agus don luchd-ceàirde; agus biadh, agus deoch, agus ola do na Sìdonaich agus do na Tìoraich, a‑chum gun tugadh iad fiodh seudair o Lebanon gu muir Iopa, a rèir a’ chomais a fhuair iad o Chìrus rìgh Phersia.

Gu robh sibh anns an àm sin as eugmhais Chrìosd, nur coimhich do cho-fhlaitheachd Israeil, agus nur coigrich do choicheangail a gheallaidh, as eugmhais dòchais, agus gun Dia anns an t‑saoghal:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan