1 Eachdraidh 22:19Am Bìoball Gàidhlig 1992A‑nis uime sin socraichibh ur cridhe agus ur n‑anam a dh’iarraidh an Tighearna ur Dia: èiribh-se agus togaibh ionad naomh an Tighearna Dia, a‑chum gun toir sibh a‑steach àirc coicheangal an Tighearna, agus soithichean naomha Dhè, don taigh a tha ra thogail do ainm an Tighearna. Faic an caibideil |
Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.