Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 22:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar an ceudna tha luchd-obrach am pailteas agad, snaidheadairean agus luchd-saothrach cloiche agus fiodha, agus gach uile ghnè dhaoine tùrail fa chomhair gach gnè obrach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus saoir, agus clachairean; agus thog iad taigh do Dhaibhidh.

Bu mhac bantraich e de threubh Naphtali, agus b’fhear o Thìrus a athair, ceàrd-umha; agus bha e làn de ghliocas, agus de thuigse, agus de eòlas a dhèanamh gach obrach ann an umha: agus thàinig e a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, agus rinn e a obair uile.

A‑nis, feuch, ann am theanntachd dh’ullaich mise fa chomhair taigh an Tighearna ceud mìle tàlann òir, agus mìle de mhìltean tàlann airgid, agus de umha agus de iarann gun tomhas (oir tha ro‑phailteas ann): fiodh mar an ceudna agus clachan dh’ullaich mi; ach faodaidh tusa cur riu.

Air an òr, an airgead, agus an umha, agus an iarann, chan eil àireamh. Eirich agus bi a’ dèanamh, agus gu robh an Tighearna maille riut.

Ach cò as urrainn taigh a thogail dha, nuair nach cùm na nèamhan, no nèamhan nan nèamh, e? Agus cò mise gun togainn dha taigh, ach a‑mhàin a losgadh ìobairtean na fhianais?

A‑nis matà cuir am ionnsaigh duine, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha, agus ann an iarann, agus ann an corcar, agus ann an dearg, agus ann an gorm, agus a tha eòlach air gearradh gu grinn maille ris na daoine ealanta a tha maille riumsa ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem, a sholair Daibhidh m’athair.

Agus nì iad an èphod de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, le obair ealanta.

Agus a dhealbhadh obrach ealanta, a dh’obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha,

Lìon e iadsan le gliocas cridhe, a dh’obrachadh gach gnè obrach, obraichean a’ ghearradair, agus an obraiche ealanta, agus an obraiche le snàthaid ann an gorm, agus ann an corcar, ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn, agus an fhigheadair, a nì obair sam bith, agus a dhealbhas obair ealanta.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan