1 Eachdraidh 22:14Am Bìoball Gàidhlig 1992A‑nis, feuch, ann am theanntachd dh’ullaich mise fa chomhair taigh an Tighearna ceud mìle tàlann òir, agus mìle de mhìltean tàlann airgid, agus de umha agus de iarann gun tomhas (oir tha ro‑phailteas ann): fiodh mar an ceudna agus clachan dh’ullaich mi; ach faodaidh tusa cur riu. Faic an caibideil |
A‑nis lem uile neart dh’ullaich mise fa chomhair taigh mo Dhè, an t‑òr a‑chum nithean de òr, agus an t‑airgead a‑chum nithean de airgead, agus an t‑umha a‑chum nithean de umha, agus an t‑iarann a‑chum nithean de iarann, agus am fiodh a‑chum nithean de fhiodh; clachan onics, agus clachan rin cur, clachan loinnreach, agus de iomadh dath, agus gach uile ghnè chlach luachmhor, agus clachan marmoir ann am pailteas.