Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 22:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Tha mise a’ dol air slighe na talmhainn uile: bi thusa uime sin làidir, agus dèan gu fearail:

Agus coimhead cùram an Tighearna do Dhia, a dh’imeachd na shlighean, a ghleidheadh a reachdan, agus a àitheantan, agus a bhreitheanais, agus a theisteis, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, a‑chum gun soirbhich leat anns gach nì a nì thu, agus anns gach àite don tionndaidh tu thu fhèin;

Thoir an aire a‑nis, oir thagh an Tighearna thu gu taigh a thogail don ionad naomh; bi làidir agus dèan e.

Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dèan e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bidh an Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; chan fhàilnich e ort, cha mhò a thrèigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna.

Os bàrr, daingnichidh mi a rìoghachd gu bràth, ma bhios esan seasmhach a choileanadh m’àitheantan agus mo bhreitheanais, mar air an là‑an‑diugh.

Agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah: oir bha an tìr sìochail, agus cha robh cogadh aige anns na bliadhnachan sin; oir thug an Tighearna fois dha.

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.

Agus dh’iarr e Dia ann an làithean Shechariah, a theagaisg e ann an eagal Dhè: agus fhad is a dh’iarr e an Tighearna, thug Dia air soirbheachadh.

Bithibh làidir agus bithibh misneachail, na biodh eagal agus na biodh faitcheas oirbh ro rìgh Asiria, no ron t‑sluagh mhòr seo uile a tha maille ris; oir is mò a tha leinne na leis-san.

Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.

An sin cha ghabh mi nàire, nuair a bheir mi spèis dod àitheantan gu lèir.

A Dhè, thoir do bhreitheanais don rìgh, agus d’fhìreantachd do mhac an rìgh.

Gidheadh a‑nis bi làidir, O Sherubabeil, tha an Tighearna ag ràdh; agus bi làidir, O Iosuah, mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart; agus bithibh-se làidir, uile shluagh an fhearainn, tha an Tighearna ag ràdh; agus dèanaibh obair; oir tha mise leibh, deir Tighearna nan sluagh.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Biodh ur làmhan làidir, sibhse a tha a’ cluinntinn, anns na làithean seo, nam briathran seo à beul nam fàidhean, a tha anns an là anns a bheil stèidh taigh Tighearna nan sluagh ga suidheachadh, eadhon an teampaill, a‑chum gum biodh e air a thogail.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Leig don chùis a bhith mar seo a‑nis: oir mar seo is iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh. An sin dh’fhuiling e dha.

Agus air dha esan atharrachadh, thog e suas Daibhidh gu bhith na rìgh dhaibh; don tug e mar an ceudna fianais, ag ràdh, Fhuair mi Daibhidh mac Iese, duine a rèir mo chridhe fhèin, a nì m’uile thoil.

Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.

Giùlainibh uallaichean a chèile, agus mar sin coileanaibh lagh Chrìosd.

Fa‑dheòidh, mo bhràithrean, bithibh làidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san.

Uime sin bi‑sa, a mhic, làidir anns a’ ghràs a tha ann an Iosa Crìosd.

Ma choileanas sibh an lagh rìoghail a rèir an sgriobtair, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin, is math a nì sibh:

Gach duine a chuireas an aghaidh d’àithne, agus nach èisd rid bhriathran, anns na h‑uile nithean a dh’àithneas tu dha, cuirear gu bàs e: a‑mhàin bi làidir, agus ro‑mhisneachail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan