Togaidh esan taigh dom ainm-sa; agus bidh e na mhac dhomh, agus bidh mise am athair dhàsan: agus daingnichidh mi rìgh-chathair a rìoghachd os cionn Israeil gu bràth.
Agus thubhairt esan, Tha fhios agad gum bu leamsa an rìoghachd, agus gun do chuir Israel uile an aghaidh orm, a‑chum gun rìoghaichinn: gidheadh, thionndaidheadh an rìoghachd mun cuairt, agus fhuair mo bhràthair i; oir bu leis-san on Tighearna i.
A‑nis uime sin, mar as beò an Tighearna, a dhaingnich mise, agus a chuir am shuidhe mi air rìgh-chathair Dhaibhidh m’athair, agus a rinn taigh dhomh, mar a labhair e, cuirear Adoniah gu bàs an‑diugh.
Agus, feuch, tha mi a’ cur romham taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, mar a labhair an Tighearna rim athair Daibhidh, ag ràdh, Do mhac a chuireas mise ann ad àit air do rìgh-chathair, togaidh esan taigh dom ainm-sa.
An sin daingnichidh mise cathair do rìoghachd air Israel gu bràth, mar a labhair mi ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi thu gun duine air rìgh-chathair Israeil.
Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil.
Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.
Oir cò de na h‑aingil ris an dubhairt e uair air bith, Is tu mo Mhac-sa, an‑diugh ghin mi thu? Agus a‑rìs, Bidh mise am Athair dhàsan, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa?