Falbh agus labhair ri Daibhidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Trì nithean tha mi a’ cur fad chomhair; roghnaich dhut fhèin aon dhiubh, a‑chum gun dèan mi dhut e.
B’iad sin uile mic Hemain, fear-seallaidh an rìgh, ann am briathran Dhè, a‑chum an adharc a thogail suas. Agus thug Dia do Heman ceithir-mic-dheug agus trì nigheanan.
A‑nis gnìomharan Dhaibhidh an rìgh, eadar thoiseach agus dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar Shamueil am fear-seallaidh, agus ann an leabhar Nàtain am fàidh agus ann an leabhar Ghad am fear-seallaidh,
Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear-seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean.
Agus thubhairt am fàidh Gad ri Daibhidh, Na fan anns an daingneach; falbh, agus imich romhad gu tìr Iùdah. An sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thàinig e gu coillteach Hareit.
(O shean ann an Israel, nuair a rachadh duine a dh’fhiosrachadh de Dhia, mar seo labhradh e: Thigibh, agus rachamaid a dh’ionnsaigh an fhir-sheallaidh; oir esan ris an abrar a‑nis fàidh, o shean theirte fear-seallaidh ris.)