Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Pheacaich mi gu mòr, a chionn gun do rinn mi an nì seo; ach a‑nis, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich; oir rinn mi gu ro‑amaideach.
Agus thàinig mic Iàcoib on mhachair nuair a chuala iad e, agus bha na daoine duilich, agus bha fearg mhòr orra; a chionn gun do rinn e amaideachd ann an Israel, ann an laighe le nighinn Iàcoib, nì nach bu chòir a dhèanamh.
Agus thubhairt Daibhidh ri Nàtan, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna. Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Mar an ceudna chuir an Tighearna air falbh do pheacadh: chan fhaigh thu bàs.
Agus mise, càit an cuir mi air falbh mo mhasladh? Agus air do shon-sa, bidh tu mar aon de na h‑amadain ann an Israel: a‑nis uime sin labhair, guidheam ort, ris an rìgh; oir cha chùm e uat mi.
Agus bhuail cridhe Dhaibhidh e, an dèidh dha an sluagh àireamh: agus thubhairt Daibhidh ris an Tighearna, Pheacaich mi gu mòr anns an nì a rinn mi: agus a‑nis, a Thighearna, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich, oir rinn mi gu ro‑amaideach.
Agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibhse a’ comhairleachadh, a‑chum is gun toir sinn freagradh don t‑sluagh seo, a labhair rium, ag ràdh, Aotromaich a’ chuing a chuir d’athair oirnn?
Dh’aidich mi mo pheacadh dhut, agus cha do cheil mi m’euceart. Thubhairt mi, Aidichidh mi m’easaontais don Tighearna, agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. Selah.
A‑mhàin aidich do chionta, gun do rinn thu easaontas an aghaidh an Tighearna do Dhia; agus gun do rinn thu do shlighean coitcheann do choigrich, fo gach aon chraoibh uaine; agus nach tug sibh gèill dom ghuth-sa, deir an Tighearna.
Thugaibh leibh briathran, agus tillibh ris an Tighearna; abraibh ris, Thoir air falbh ar n‑uile chionta, agus gabh rinn gu gràsmhor: mar sin bheir sinn seachad laoigh ar bilean.
Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.
Agus thubhairt Samuel ri Saul, Rinn thu gu h‑amaideach: cha do ghlèidh thu àithne an Tighearna do Dhia, a dh’àithn e dhut; oir a‑nis dhaingnicheadh an Tighearna do rìoghachd air Israel gu bràth.
An sin thubhairt Saul, Pheacaich mi: till, a mhic, a Dhaibhidh, oir cha dèan mi cron ort tuilleadh, a chionn gu robh m’anam luachmhor ad shùilean an‑diugh: feuch, rinn mi gu h‑amaideach, agus chaidh mi air seachran gu ro‑mhòr.