Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Ioab uimhir àireamh an t‑sluaigh do Dhaibhidh: agus bha ann de Israel uile, mìle de mhìltean agus ceud mìle fear a tharraing claidheamh; agus de Iùdah, ceithir cheud agus deich agus trì mìle fear a tharraing claidheamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus thug Ioab suas làn àireamh an t‑sluaigh don rìgh: agus bha ann de Israel ochd ceud mìle fear gaisgeil a tharraing claidheamh, agus de fhir Iùdah còig ceud mìle fear.

Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib: uime sin dh’imich Ioab, agus chaidh e air feadh Israeil uile, agus thàinig e gu Ierusalem.

Ach cha do ghabh Daibhidh an àireamh o aois fichead bliadhna agus foidhe; a chionn gun dubhairt an Tighearna gun dèanadh e Israel lìonmhor mar reultan nan nèamh.

Thòisich Ioab mac Sheruiah air àireamh, ach cha do chrìochnaich e, a chionn gu robh air a shon seo fearg an aghaidh Israeil; cha mhò a chuireadh sìos an uimhir ann an àireamh eachdraidh rìgh Dhaibhidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan