Agus fhreagair Ioab, Gun dèanadh an Tighearna a shluagh fhèin ceud uair nas lìonmhoire na tha iad. Ach, mo thighearna a rìgh, nach iad seirbhisich mo thighearna iad uile? Carson mas eadh a tha mo thighearna ag iarraidh an nì seo? Carson a bhios e na adhbhar cionta do Israel?
Agus thug Ioab uimhir àireamh an t‑sluaigh do Dhaibhidh: agus bha ann de Israel uile, mìle de mhìltean agus ceud mìle fear a tharraing claidheamh; agus de Iùdah, ceithir cheud agus deich agus trì mìle fear a tharraing claidheamh.