Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha b’urrainn Daibhidh dol na làthair, a dh’fhiosrachadh de Dhia; oir bha e fo eagal airson claidheamh aingeal an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus bha eagal air Daibhidh ron Tighearna air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a thig àirc an Tighearna am ionnsaigh-sa?

Agus bha eagal air Daibhidh ro Dhia air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a bheir mise àirc Dhè dhachaigh am ionnsaigh?

Agus thog Daibhidh suas a shùilean agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh eadar talamh agus nèamh, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh, sìnte a‑mach os cionn Ierusaleim, agus thuit Daibhidh agus seanairean Israeil, còmhdaichte le sac-aodach, sìos air an aghaidh.

Oir bha pàillean an Tighearna a rinn Maois anns an fhàsach, agus altair na h‑ìobairt-loisgte, anns an àm sin anns an àit àrd ann an Gibeon.

Agus thubhairt Daibhidh, Is e seo taigh an Tighearna Dia, agus is i seo altair na h‑ìobairt-loisgte do Israel.

Tarraing do làmh fada uam agus na cuireadh d’uamhann eagal orm.

Oir nuair a chuimhnicheas mi, tha eagal orm; agus glacaidh geilt-chrith m’fheòil.

Uime sin tha fiamh orm na fhianais; nuair a bheir mi fa‑near, tha eagal orm roimhe:

Chriothnaich m’fheòil le uamhann romhad, agus bha eagal orm rod bhreitheanais.

Cò don aithne neart d’fheirge, agus, a rèir d’eagail, do chorraich?

Cò air nach biodh eagal romhadsa, O Rìgh nan slògh? Oir dhutsa buinidh urram; a chionn nach eil am measg uile dhaoine glice nan cinneach, agus am measg an uile rìoghachdan, aon neach cosmhail riut.

Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?

Agus a‑nis, Israeil, ciod a tha an Tighearna do Dhia ag iarraidh ort, ach eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort, gluasad na uile shlighean, agus a ghràdhachadh, agus seirbhis a dhèanamh don Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam;

Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.

Cò air nach biodh eagal romhad, O Thighearna, agus nach tugadh glòir dod ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh: oir thig na h‑uile chinnich, agus nì iad adhradh ann ad làthair; do bhrìgh gu bheil do bhreitheanais air an dèanamh follaiseach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan