Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Ioab, Gun dèanadh an Tighearna a shluagh fhèin ceud uair nas lìonmhoire na tha iad. Ach, mo thighearna a rìgh, nach iad seirbhisich mo thighearna iad uile? Carson mas eadh a tha mo thighearna ag iarraidh an nì seo? Carson a bhios e na adhbhar cionta do Israel?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

An sin ghairm Abimelech air Abrahàm, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a rinn thu oirnn? Agus ciod an eucoir a rinn mise ort, gun tug thu ormsa agus air mo rìoghachd peacadh mòr? Rinn thu gnìomharan ormsa nach bu chòir a dhèanamh.

Agus bheir e thairis Israel, airson peacaidhean Ierobòaim, a pheacaich, agus a thug air Israel peacachadh.

An sin ghairm rìgh Iehoas air Iehoiada an sagart, agus air na sagartan eile, agus thubhairt e riu, Carson nach eil sibh a’ càradh briseadh an taighe? A‑nis, matà, na gabhaibh airgead tuilleadh o luchd ur n‑eòlais, ach thugaibh airson briseadh an taighe e.

Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè: agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean.

Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib: uime sin dh’imich Ioab, agus chaidh e air feadh Israeil uile, agus thàinig e gu Ierusalem.

Cuiridh an Tighearna sibh ann an lìonmhorachd, sibh fhèin agus ur clann.

Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.

Agus thubhairt Maois ri Aaron, Ciod a rinn an sluagh seo ort, gun tug thu peacadh cho mòr orra?

Ann an lìonmhorachd sluaigh tha urram an rìgh; ach ann an dìth sluaigh tha milleadh an uachdarain.

Mheudaich thu an cinneach, O Thighearna; mheudaich thu an cinneach; tha thu air do ghlòrachadh; sgaoil thu e a‑mach eadhon gu uile iomallan na talmhainn.

Agus bhiodh do shìol mar a’ ghaineamh, agus sliochd do chuim mar a meanbh-chlachan; cha bhiodh d’ainm air a ghearradh as, no air a sgrios as mo làthair.

(Gun dèanadh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, sibh mìle uair nas lìonmhoire na tha sibh, agus gum beannaicheadh e sibh, mar a gheall e dhuibh!)

Agus thàinig iad gu cloinn Reubein, agus gu cloinn Ghad, agus gu leth-threubh Mhanaseh, gu tìr Ghilead, agus labhair iad riu, ag ràdh,

Na dèanaibh mar seo, mo mhic: oir cha sgeul math a tha mi a’ cluinntinn, gu bheil sibh a’ toirt air sluagh an Tighearna dol air seachran.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan