Oir bha pàillean an Tighearna a rinn Maois anns an fhàsach, agus altair na h‑ìobairt-loisgte, anns an àm sin anns an àit àrd ann an Gibeon.
Agus Sadoc an sagart, agus a bhràithrean na sagartan, fa chomhair pàillean an Tighearna, anns an àit àrd a bha ann an Gibeon,
Anns an àm sin, nuair a chunnaic Daibhidh gun do fhreagair an Tighearna e ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach, dh’ìobair e an sin:
Ach cha b’urrainn Daibhidh dol na làthair, a dh’fhiosrachadh de Dhia; oir bha e fo eagal airson claidheamh aingeal an Tighearna.
Agus thàinig Solamh on àit àrd a bha ann an Gibeon gu Ierusalem, o làthair pàillean a’ choitheanail, agus rìghich e os cionn Israeil.
Agus chaidh Solamh agus an coitheanal uile maille ris don àit àrd a bha ann an Gibeon; oir an sin bha pàillean coitheanal Dhè, a rinn Maois, òglach an Tighearna, anns an fhàsach.