Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thog Daibhidh an sin altair don Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth, agus ghairm e air an Tighearna; agus fhreagair e e le teine o nèamh air altair na h‑ìobairt-loisgte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

An sin gairmibh-se air ainm ur diathan fhèin, agus gairmidh mise air ainm an Tighearna: agus an Dia a fhreagras le teine, bidh esan na Dhia. Agus fhreagair an sluagh uile agus thubhairt iad, Is math a labhair thu.

An sin thuit teine an Tighearna, agus chaith e an ìobairt-loisgte, agus an connadh, agus na clachan, agus an luaithre; agus an t‑uisge a bha anns a’ chlais dh’imlich e suas.

Agus dh’àithn an Tighearna don aingeal; agus chuir e suas a chlaidheamh a‑rìs na thruaill.

Agus thòisich Solamh air togail taigh an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh a athair, anns an àit a dh’ullaich Daibhidh ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

Agus nuair a chuir Solamh crìoch air ùrnaigh a dhèanamh, thàinig an teine a‑nuas o nèamh, agus loisg e suas an tabhartas-loisgte agus na h‑ìobairtean; agus lìon glòir an Tighearna an taigh.

A Thighearna, fosgail mo bhilean, agus cuiridh mo bheul an cèill do chliù.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig a shliabh naomh, oir is naomh an Tighearna ar Dia.

Is gràinealachd don Tighearna ìobairt nan aingidh; ach is i ùrnaigh nan ionraic a thlachd.

Agus tàrlaidh, mun gairm iad, freagraidh mi; agus am feadh a bhios iad fòs a’ labhairt, èisdidh mi.

Glaodh riumsa, agus freagraidh mi thu, agus feuchaidh mi dhut nithean mòra agus cumhachdach, air nach eil thu eòlach.

Agus thàinig teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e air an altair an ìobairt-loisgte, agus an t‑saill: agus chunnaic an sluagh uile e, agus rinn iad iolach, agus thuit iad air an aghaidh.

Agus thill Aaron a dh’ionnsaigh Mhaois, gu doras pàillean a’ choitheanail: agus chaisgeadh a’ phlàigh.

Oir nuair a dh’èirich an lasair bhàrr na h‑altarach suas gu nèamh, chaidh aingeal an Tighearna suas ann an lasair na h‑altarach; agus nuair a chunnaic Manòah agus a bhean sin, thuit iad air an aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn.

An sin chuir aingeal an Tighearna a‑mach bàrr a’ bhata a bha na làimh, agus bhean e ris an fheòil, agus ris na breacagan neo-ghortaichte; agus dh’èirich teine suas as a’ charraig, agus loisg e an fheòil, agus na breacagan neo-ghortaichte. An sin chaidh aingeal an Tighearna as a shealladh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan