Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt rìgh Daibhidh ri Ornan, Chan eadh, ach gu deimhinn ceannaichidh mi iad air an làn luach; oir cha ghabh mi an nì as leatsa gu a thoirt don Tighearna, agus cha toir mi suas ìobairtean-loisgte gun chostas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Nach gabh mi o shnàthainn eadhon gu èill bròige, agus nach gabh mi a’ bheag de aon nì as leatsa, a‑chum is nach abair thu, Rinn mi Abram beartach:

Agus labhair e ri Ephron, ann an èisdeachd muinntir na tìre, ag ràdh, Ach ma bheir thu seachad i, guidheam ort, èisd rium: bheir mi dhut airgead airson an achaidh, gabh uam e, agus adhlaicidh mi mo mharbh an sin.

A‑chum is gun toir e dhomh uaimh Mhachpelah a tha aige, a tha ann an crìch a achaidh; airson uiread airgid agus as fiù i, thugadh e dhomh i mar sheilbh àit-adhlaic nur measg-se.

Agus thubhairt an rìgh ri Araunah, Chan eadh: ach gu deimhinn ceannaichidh mi uat iad air luach; agus chan ìobair mi ìobairtean-loisgte don Tighearna mo Dhia den nì sin a gheibh mi an asgaidh. Agus cheannaich Daibhidh an t‑ùrlar-bualaidh agus am buar air lethcheud secel airgid.

Agus thubhairt Ornan ri Daibhidh, Gabh thugad e, agus dèanadh mo thighearna an rìgh an nì a tha math na shùilean: feuch, tha mi a’ toirt a’ bhuair dhut a‑chum ìobairtean-loisgte, agus nan innealan-bualaidh a‑chum connaidh, agus a’ chruithneachd a‑chum tabhartas-bìdh; sin uile tha mi a’ toirt dhut.

Uime sin thug Daibhidh do Ornan air an àite sia ceud secel òir air thomhas.

Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan