Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Ornan ri Daibhidh, Gabh thugad e, agus dèanadh mo thighearna an rìgh an nì a tha math na shùilean: feuch, tha mi a’ toirt a’ bhuair dhut a‑chum ìobairtean-loisgte, agus nan innealan-bualaidh a‑chum connaidh, agus a’ chruithneachd a‑chum tabhartas-bìdh; sin uile tha mi a’ toirt dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thill e uaithe, agus ghabh e cuing dhamh, agus mharbh e iad, agus le acfhainn nan damh bhruith e am feòil, agus thug e don t‑sluagh i, agus dh’ith iad. An sin dh’èirich e, agus chaidh e an dèidh Eliah, agus fhritheil e dha.

An sin thubhairt Daibhidh ri Ornan, Thoir dhòmhsa àit an ùrlair-bhualaidh seo, a‑chum gun tog mi altair ann don Tighearna; air a làn luach bheir thu dhomh e, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh.

Agus thubhairt rìgh Daibhidh ri Ornan, Chan eadh, ach gu deimhinn ceannaichidh mi iad air an làn luach; oir cha ghabh mi an nì as leatsa gu a thoirt don Tighearna, agus cha toir mi suas ìobairtean-loisgte gun chostas.

Agus thàinig Hanameel, mac bràthar-m’athar, am ionnsaigh ann an cùirt a’ phrìosain, a rèir facal an Tighearna, agus thubhairt e rium, Ceannaich, guidheam ort, m’achadh a tha ann an Anatot ann an dùthaich Bheniàmin: oir is leatsa a’ chòir-sheilbhe, agus is leatsa a fuasgladh, ceannaich i dhut fhèin: an sin dh’aithnich mi gum b’e seo facal an Tighearna.

Agus thàinig am feun gu achadh Iosua, am Bet-semeseach, agus sheas e an sin, far an robh clach mhòr; agus sgoilt iad fiodh an fheuna, agus thug iad suas na mairt nan ìobairt-loisgte don Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan