Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Daibhidh ri Ornan, Thoir dhòmhsa àit an ùrlair-bhualaidh seo, a‑chum gun tog mi altair ann don Tighearna; air a làn luach bheir thu dhomh e, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

A‑chum is gun toir e dhomh uaimh Mhachpelah a tha aige, a tha ann an crìch a achaidh; airson uiread airgid agus as fiù i, thugadh e dhomh i mar sheilbh àit-adhlaic nur measg-se.

Agus thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.

Agus thubhairt Araunah, Carson a thàinig mo thighearna an rìgh a dh’ionnsaigh a sheirbhisich? Agus thubhairt Daibhidh, A cheannach uat an ùrlair-bhualaidh, a thogail altarach don Tighearna, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh.

Agus labhair Ahab ri Nàbot, ag ràdh, Thoir dhòmhsa d’fhìonlios, gu bhith agam na lios luibhean, a chionn gu bheil e fagas dom thaigh, agus bheir mise dhutsa air a shon fìonlios as fheàrr na e; no mas e as taitniche leat, bheir mi dhut a luach ann an airgead.

Agus nuair a thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh Ornain, dh’amhairc Ornan agus chunnaic e Daibhidh, agus chaidh e a‑mach as an ùrlar-bhualaidh, agus chrom e e fhèin do Dhaibhidh le a aghaidh gu làr.

Agus thubhairt Ornan ri Daibhidh, Gabh thugad e, agus dèanadh mo thighearna an rìgh an nì a tha math na shùilean: feuch, tha mi a’ toirt a’ bhuair dhut a‑chum ìobairtean-loisgte, agus nan innealan-bualaidh a‑chum connaidh, agus a’ chruithneachd a‑chum tabhartas-bìdh; sin uile tha mi a’ toirt dhut.

Agus sheas e eadar na mairbh agus na beòthan, agus chaisgeadh a’ phlàigh.

Agus chaidh e an dèidh an duine de Israel a‑steach don bhùth, agus thro-lot e iad le chèile, an duine de Israel, agus a’ bhean tro a broinn: mar sin chaisgeadh a’ phlàigh o chloinn Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan