Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh Ornain, dh’amhairc Ornan agus chunnaic e Daibhidh, agus chaidh e a‑mach as an ùrlar-bhualaidh, agus chrom e e fhèin do Dhaibhidh le a aghaidh gu làr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.

Agus thionndaidh Ornan air ais, agus chunnaic e an t‑aingeal; agus dh’fhalaich a cheathrar mhac, a bha maille ris, iad fhèin. A‑nis bha Ornan a’ bualadh cruithneachd.

An sin thubhairt Daibhidh ri Ornan, Thoir dhòmhsa àit an ùrlair-bhualaidh seo, a‑chum gun tog mi altair ann don Tighearna; air a làn luach bheir thu dhomh e, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh.

Oir nuair a dh’èirich an lasair bhàrr na h‑altarach suas gu nèamh, chaidh aingeal an Tighearna suas ann an lasair na h‑altarach; agus nuair a chunnaic Manòah agus a bhean sin, thuit iad air an aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn.

Agus nuair a chunnaic Abigail Daibhidh, rinn i cabhag agus theirinn i bhàrr na h‑asail, agus thuit i sìos air a h‑aghaidh am fianais Dhaibhidh, agus chrom i i fhèin gu làr,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan