Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’àithn aingeal an Tighearna do Ghad a ràdh ri Daibhidh, gun rachadh Daibhidh suas a thogail altarach don Tighearna ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh air an là sin, agus thubhairt e ris, Gabh suas, tog altair don Tighearna, ann an ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach.

Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Gabh do roghainn:

Agus chuir Dia aingeal gu Ierusalem, a‑chum a sgrios: agus nuair a bha e a’ sgrios, dh’amhairc an Tighearna, agus ghabh e aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a bha ri sgrios, Is leòr e; cùm a‑nis air do làimh. Agus sheas aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

Agus chaidh Daibhidh suas air facal Ghaid, a labhair e ann an ainm an Tighearna.

Agus thubhairt Daibhidh, Is e seo taigh an Tighearna Dia, agus is i seo altair na h‑ìobairt-loisgte do Israel.

Agus thòisich Solamh air togail taigh an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh a athair, anns an àit a dh’ullaich Daibhidh ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan