Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Nach mise a dh’àithn an sluagh àireamh? Is mise fhèin a pheacaich, agus a rinn gu ro‑olc; ach na caoraich seo, ciod a rinn iadsan? Biodh do làmh, guidheam ort, a Thighearna mo Dhia, am aghaidh-sa, agus an aghaidh taigh m’athar; ach an aghaidh do shluaigh na biodh i, gu plàigh a chur orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

A‑nis uime sin, guidheam ort, leig led sheirbhiseach fantainn an àit an leinibh, am thràill dom thighearna; agus leig leis an leanabh dol suas maille ra bhràithrean.

A‑nis uime sin cha dealaich an claidheamh rid thaigh gu bràth, do bhrìgh gun do rinn thu tàir orm, agus gun do ghabh thu bean Uriah an t‑Hiteach gu bhith na mnaoi dhut fhèin.

Agus a‑rìs las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh nan aghaidh, ag ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iùdah.

Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna nuair a chunnaic e an t‑aingeal a bhuail an sluagh, agus thubhairt e, Feuch, is mise a pheacaich, agus is mise a rinn gu h‑aingidh; ach na caoraich sin, ciod a rinn iad? Bitheadh do làmh, guidheam ort, am aghaidh-sa, agus an aghaidh taigh m’athar.

A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mise thu o mhainnir nan caorach, o bhith a’ leantainn nan caorach, gu bhith ann ad cheannard air mo shluagh, air Israel:

Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo: tilleadh gach fear dhiubh da thaigh fhèin ann an sìth.

Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Pheacaich mi gu mòr, a chionn gun do rinn mi an nì seo; ach a‑nis, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich; oir rinn mi gu ro‑amaideach.

Thug thu sinn mar chaoraich airson bìdh, agus am measg nan cinneach sgap thu sinn.

Saor mi o chionta fala, a Dhè, a Dhè mo shlàinte; àrd-mholaidh mo theanga d’fhìreantachd.

Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.

Carson, a Dhè, a thilg thu uat sinn gu bràth, agus a lasas d’fhearg ri caoraich d’ionaltraidh?

Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah.

Agus thubhairt e riu, Togaibh suas mi, agus tilgibh a‑mach mi anns an fhairge; mar sin bidh an fhairge ciùin dhuibhse; oir tha fhios agam gur ann air mo shon-sa a tha an doineann mhòr seo oirbh.

Oir ghuidhinn mi fhèin a bhith dealaichte o Chrìosd, airson mo bhràithrean, mo luchd-dàimh a‑thaobh na feòla:

Ach gun tilleadh sibh air falbh an‑diugh on Tighearna a leantainn? Agus tàrlaidh, do bhrìgh gu bheil sibh a’ dèanamh ceannairc an‑diugh an aghaidh an Tighearna, a‑màireach gun las a fhearg an aghaidh uile cho-chruinneachadh Israeil.

Le seo is aithne dhuinn gràdh Dhè, do bhrìgh gun do leig esan sìos a anam fhèin air ar son-ne: agus is còir dhuinne ar n‑anaman fhèin a leigeadh sìos airson nam bràithrean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan