Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thog Daibhidh suas a shùilean agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh eadar talamh agus nèamh, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh, sìnte a‑mach os cionn Ierusaleim, agus thuit Daibhidh agus seanairean Israeil, còmhdaichte le sac-aodach, sìos air an aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhògair e a‑mach an duine; agus shuidhich e anns an taobh an ear de ghàrradh Edein ceruban, agus claidheamh lasrach a bha a’ tionndadh air gach làimh, a ghleidheadh slighe craobh na beatha.

Agus nuair a chuala Ahab na briathran sin, reub e a aodach, agus chuir e sac-aodach air a fheòil, agus thraisg e, agus laigh e ann an sac-aodach, agus ghluais e gu fòil.

Agus nuair a chuala Heseciah an rìgh e, reub e a aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le sac-aodach, agus chaidh e do thaigh an Tighearna.

Agus rinn Elisa ùrnaigh, agus thubhairt e, A Thighearna, fosgail, guidheam ort, a shùilean, a‑chum is gum faic e. Agus dh’fhosgail an Tighearna sùilean an òganaich, agus chunnaic e; agus, feuch, bha an sliabh làn each, agus de charbadan teine mun cuairt air Elisa.

Ach neartaichidh mi gàirdeanan rìgh Bhàbiloin, agus tuitidh gàirdean Phàraoh sìos; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a chuireas mi mo chlaidheamh ann an làimh rìgh Bhàbiloin, agus a shìneas e a‑mach e air tìr na h‑Eiphit.

Agus thàrladh tràth bha iad gam marbhadh, agus a bha mise air m’fhàgail, gun do thuit mi air m’aghaidh, agus ghlaodh mi, ag ràdh, Ah! a Thighearna Dhè, an sgrios thu iarmad Israeil uile, ann an dòrtadh a‑mach do dhian-chorraich air Ierusalem?

An sin thuit Maois agus Aaron air an aghaidh an làthair coitheanal co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile.

Agus thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, O Dhè, Dia spioradan gach uile fheòla, am peacaich aon duine, agus am bi fearg agad ris a’ cho-chruinneachadh uile?

Agus chunnaic an asal aingeal an Tighearna na sheasamh anns an t‑slighe, agus a chlaidheamh tàirngte na làimh: agus thionndaidh an asal a lethtaobh as an t‑slighe, agus chaidh i air feadh an fhearainn; agus bhuail Balàam an asal, ga tionndadh a dh’ionnsaigh na slighe.

An sin dh’fhosgail an Tighearna sùilean Bhalàaim, agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh anns an t‑slighe, agus a chlaidheamh tàirngte na làimh; agus chrom e sìos a cheann, agus thuit e sìos air a aghaidh.

Oir nuair a dh’èirich an lasair bhàrr na h‑altarach suas gu nèamh, chaidh aingeal an Tighearna suas ann an lasair na h‑altarach; agus nuair a chunnaic Manòah agus a bhean sin, thuit iad air an aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan