Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Dia aingeal gu Ierusalem, a‑chum a sgrios: agus nuair a bha e a’ sgrios, dh’amhairc an Tighearna, agus ghabh e aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a bha ri sgrios, Is leòr e; cùm a‑nis air do làimh. Agus sheas aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Oir tha sinne gus an t‑àite seo a sgrios, do bhrìgh gu bheil an glaodh air fàs mòr an làthair an Tighearna; agus chuir an Tighearna sinne ga sgrios.

Agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e an duine air an talamh, agus thug e doilgheas dha na chridhe.

Agus nuair a chuir an t‑aingeal a‑mach làmh gu Ierusalem gu a sgrios, ghabh an Tighearna aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a sgrios an sluagh, Is leòr e: cùm a‑nis air do làimh. Agus bha aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach.

Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh air an là sin, agus thubhairt e ris, Gabh suas, tog altair don Tighearna, ann an ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach.

Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.

Agus thòisich Solamh air togail taigh an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh a athair, anns an àit a dh’ullaich Daibhidh ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

Gidheadh, gu h‑iochdmhor mhaith esan an lochd, agus cha do sgrios e iad; seadh, iomadh uair thionndaidh e a fhearg uaithe, agus cha do dhùisg e a chorraich uile.

Till, a Thighearna-cia fhad? – agus gabh aithreachas a‑thaobh do sheirbhiseach.

Agus ghabh an Tighearna aithreachas den olc a thubhairt e gun dèanadh e air a shluagh.

Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.

Rinn Micah am Morastach fàistneachd ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus labhair e ri uile shluagh Iùdah, ag ràdh, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Bidh Sion mar mhachair air a treabhadh, agus bidh Ierusalem na cùirn, agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.

Carson a rinn thu fàistneachd ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Bidh an taigh seo cosmhail ri Siloh, agus cuirear a’ chathair seo fàs gun aon ga h‑àiteachadh? Agus chruinnicheadh an sluagh air fad an aghaidh Ieremiah ann an taigh an Tighearna.

Ach rachaibh a‑nis dom àite-sa a tha ann an Siloh, far an do chuir mi m’ainm an toiseach, agus faicibh cionnas a bhuin mi ris, airson aingidheachd mo shluaigh Israel.

Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo, deir an Tighearna.

Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo fòs, deir an Tighearna Iehòbhah.

Agus chunnaic Dia an obraichean, gun do thill iad on droch shlighe; agus ghabh Dia aithreachas mun olc a thubhairt e gun dèanadh e orra, agus cha do rinn e e.

Agus ghuidh e air an Tighearna, agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, nach dubhairt mise seo, nuair a bha mi fhathast ann am dhùthaich fhèin? Uime sin theich mi roimhe seo gu Tarsis: oir bha fhios agam gur Dia gràsmhor thusa, agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an iochd, agus gun gabh thu aithreachas mu olc.

Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach.

Agus na dèanabh-se gearan, mar a rinn cuid dhiubhsan gearan, agus a sgriosadh iad leis an sgriosadair.

Agus chuir iad air falbh na diathan coimheach as am measg, agus rinn iad seirbhis don Tighearna: agus bha doilgheas air a anam airson truaighe Israeil.

Agus nuair a thog an Tighearna suas dhaibh britheamhan, an sin bha an Tighearna leis a’ bhritheamh, agus shaor e iad à làimh an naimhdean, rè uile làithean a’ bhritheimh: oir ghabh an Tighearna truas dhiubh airson an osnaich o làthair na muinntir sin a rinn ainneart orra, agus a shàraich iad.

Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan