Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ri Gad, Tha mi ann an teinn mhòir: tuiteam a‑nis ann an làimh an Tighearna, oir is ro‑lìonmhor a thròcairean; ach ann an làimh duine na tuiteam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich seirbhiseach an duine le Dia gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh e a‑mach, agus, feuch, bha armailt a’ cuartachadh a’ bhaile, maille ri eich agus ri carbadan; agus thubhairt a òglach ris, Mo thruaighe, a mhaighistir, cionnas a nì sinn?

Ma their sinn, Rachamaid a‑steach don bhaile, tha a’ ghorta anns a’ bhaile, agus bàsaichidh sinn an sin; agus ma dh’fhanas sinn an seo, bàsaichidh sinn mar an ceudna. A‑nis, matà, thigibh, agus teicheamaid gu camp nan Sirianach: ma chaomhnas iad beò sinn, bidh sinn beò; ach ma mharbhas iad sinn, chan fhaigh sinn ach am bàs.

Ach bha fàidh leis an Tighearna an sin dam b’ainm Oded, agus chaidh e a‑mach am fianais an t‑slòigh a thàinig gu Samaria, agus thubhairt e riu, Feuch, a chionn gu robh fearg air an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, ri Iùdah, thug e thairis iad nur làimh-se agus mharbh sibh iad le buirbe a ràinig suas gu nèamh.

Tha fhios aig seirbhisich an rìgh uile, agus aig sluagh mòr-roinnean an rìgh, ge bè air bith fear no bean a thèid a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don chùirt as fhaide a‑staigh, air nach goirear, gu bheil aon lagh aige a chur gu bàs, ach a‑mhàin esan don sìn an rìgh a‑mach a shlat-òir rìoghail, a‑chum gum bi e beò; ach cha do ghoireadh ormsa teachd a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh na deich-là‑fichead seo.

Falbh, cruinnich ri chèile na h‑Iùdhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus traisgibh air mo shon-sa, agus na ithibh agus na òlaibh rè trì làithean, a là no a dh’oidhche: traisgidh mise agus mo mhaighdeannan air an dòigh cheudna; agus an sin thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, nì nach eil a rèir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam.

Is tròcaireach agus is gràsmhor an Tighearna, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an coibhneas gràidh.

Cha do thuig ar n‑athraichean d’iongantasan anns an Eiphit; cha do thuig iad lìonmhorachd do thròcairean, ach bhrosnaich iad thu làimh ris a’ mhuir, aig a’ mhuir ruaidh.

Is lìonmhor do chaomh-thròcairean, a Thighearna; a rèir do bhreitheanas beòthaich mi.

Ach maille riutsa tha maitheanas, agus uime sin bidh eagal air daoine romhad.

Earbadh Israel as an Tighearna, oir aig an Tighearna tha tròcair, agus aigesan tha mòr-shaorsa;

Ach air mo shon-sa, ann an lìonmhorachd do thròcair thig mi a‑steach dod thaigh; sleuchdaidh mi aig do theampall naomh ann ad eagal.

Ach air mo shonsa, tha m’ùrnaigh riutsa, a Thighearna, ann an àm taitneach; a Dhè, ann an lìonmhorachd do thròcair èisd rium, ann am fìrinn do shlàinte.

Eisd rium, a Thighearna, oir is math do choibhneas gràdhach; a rèir lìonmhorachd do chaomh-thròcairean till rium.

Ach tha thusa, a Thighearna, ad Dhia iochdmhor agus gràsmhor, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair agus ann am fìrinn.

Oir tha thusa, a Thighearna, math agus iochdmhor, agus pailt ann an tròcair dhaibhsan uile a ghairmeas ort.

Bidh cùram aig an duine ionraic de bheatha a ainmhidh; ach is an‑iochdmhor truacantais nan aingidh.

Giùlainidh iad e air an guaillean, iomchairidh iad e, agus cuiridh iad e na àit, agus seasaidh e; as a ionad cha ghluais e: seadh, glaodhaidh neach ris, ach cha fhreagair e, agus cha teasairg e e o a theinn.

Bha corraich orm rim shluagh; thruaill mi m’oighreachd, agus thug mi thairis iad dod làimh; cha do nochd thusa tròcair dhaibh; air an aosda leag thu do chuing gu trom.

Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.

Seall a‑nuas o nèamh, agus faic od ionad-còmhnaidh naomh agus glòrmhor; càit a bheil d’eud, agus do neart, lìonmhorachd do thròcairean agus do thruas dhìom? A bheil iad air an cumail air an ais?

Tròcairean an Tighearna aithrisidh mi, agus cliù an Tighearna; a rèir gach nì a bhuilich an Tighearna oirnn, agus meud a mhaitheis do thaigh Israeil, a dheònaich e dhaibh a rèir a choibhneis, agus a rèir lìonmhorachd a thròcairean.

Ach ged bheir e adhbhar bròin, gidheadh nì e iochd a rèir lìonmhorachd a thròcairean.

Cò aig a bheil fhios nach till Dia, agus nach gabh e aithreachas, agus nach till e o a dhian-chorraich, air chor is nach bàsaich sinn?

Agus ghuidh e air an Tighearna, agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, nach dubhairt mise seo, nuair a bha mi fhathast ann am dhùthaich fhèin? Uime sin theich mi roimhe seo gu Tarsis: oir bha fhios agam gur Dia gràsmhor thusa, agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an iochd, agus gun gabh thu aithreachas mu olc.

Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair.

O Thighearna, chuala mi do chainnt; bha eagal orm: O Thighearna, ath-bheothaich d’obair ann am meadhon nam bliadhnachan, ann am meadhon nam bliadhnachan dèan aithnichte; ann an corraich cuimhnich tròcair.

A‑nis tha m’anam fo àmhghar; agus ciod a their mi? Athair, saor mi on uair seo: ach is ann air a shon seo a thàinig mi a‑chum na h‑uaire seo.

Oir tha mi air mo theannachadh eadar dhà nì, air dhomh a bhith togarrach air siubhal, agus a bhith maille ri Crìosd: oir is e seo as ro‑fheàrr:

Is nì eagalach tuiteam ann an làmhan an Dè bheò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan