1 Eachdraidh 21:11Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Gabh do roghainn: Faic an caibideil |
Aon chuid trì bliadhna gorta; no a bhith trì mìosan a’ teicheadh rod naimhdean, agus claidheamh do naimhdean a’ breith ort; no trì làithean de chlaidheamh an Tighearna, eadhon den phlàigh, anns an fhearann, agus aingeal an Tighearna a’ sgrios air feadh uile chrìochan Israeil: a‑nis uime sin faic ciod a fhreagras mi dhàsan a chuir uaithe mi.