Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 21:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sheas Sàtan suas an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh gu Israel àireamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Rugadh iad sin don fhamhair ann an Gat; agus thuit iad le làimh Dhaibhidh, agus le làimh a sheirbhiseach.

Thòisich Ioab mac Sheruiah air àireamh, ach cha do chrìochnaich e, a chionn gu robh air a shon seo fearg an aghaidh Israeil; cha mhò a chuireadh sìos an uimhir ann an àireamh eachdraidh rìgh Dhaibhidh.

B’iad sin uile mic Aseir, cinn-taighe an athraichean, daoine taghte, treun ann an neart, rogha nan uachdaran. Agus nuair a dh’àirmheadh iad a rèir an ginealaichean a‑chum cogaidh agus catha, b’e an àireamh sia-mìle-fichead fear.

A‑rìs bha là air an tàinig mic Dhè gu seasamh an làthair an Tighearna, agus thàinig mar an ceudna Sàtan nam measg gu seasamh an làthair an Tighearna.

Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.

Agus thaisbein e dhomh Iosuah an t‑àrd-shagart, na sheasamh an làthair aingeal an Tighearna; agus Sàtan na sheasamh aig a làimh dheis, gu cur na aghaidh.

Agus air teachd don bhuaireadair da ionnsaigh thubhairt e, Mas tu Mac Dhè, thoir àithne do na clachan seo a bhith nan aran.

Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air a chur thuige gu dian, agus a tharraing gu labhairt air mòran de nithean;

Agus thubhairt an Tighearna, A Shìmoin, a Shìmoin, feuch, dh’iarr Sàtan sibhse, a‑chum ur criaradh mar chruithneachd.

Agus nuair a bha an t‑suipear thairis (air don diabhal a‑nis a chur ann an cridhe Iùdais Iscarioit, mac Shìmoin, esan a bhrath),

Ach thubhairt Peadar, Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh, agus a cheiltinn cuid de luach an fhearainn?

Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean:

Na abradh neach sam bith nuair a bhuairear e, Tha mi air mo bhuaireadh le Dia: oir cha chomasach Dia a bhuaireadh le olc, cha mhò a bhuaireas e neach sam bith.

Agus chuala mi guth mòr ag ràdh air nèamh, A‑nis tha slàinte agus neart, agus rìoghachd ar Dè, agus cumhachd a Chrìosd air teachd; oir thilgeadh sìos fear-casaid ar bràithrean, a bha gan casaid an làthair ar Dè a là agus a dh’oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan