Agus na dhèidh seo dh’èirich cogadh ann an Gèser ris na Philistich: an sin bhuail Sibechai an Husatach Sipai a bha de shliochd an fhamhair; agus cheannsaicheadh iad.
Agus anns a’ cheathramh-bliadhna-deug thàinig Cedorlaòmer agus na rìghrean a bha maille ris, agus bhuail iad na Rephaimich ann an Asterot Carnaim, agus na Sudsimich ann an Ham, agus na h‑Emimich ann an Sabheh Ciriataim,
Agus bha cogadh aig na Philistich fhathast ri Israel; agus chaidh Daibhidh sìos agus a sheirbhisich maille ris, agus chog iad ris na Philistich; agus dh’fhàs Daibhidh sgìth.
Agus thubhairt Isbi-benob, a bha de shliochd an fhamhair, (agus aig am b’e cudthrom ceann a shleagha trì cheud secel umha, agus e crioslaichte le crios nodha,) gum marbhadh e Daibhidh.
Agus a’ gabhail sìos a làimh na h‑àird an iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet-horoin ìochdaraich, agus gu Gèser: agus tha a dhol a‑mach aig an fhairge.