Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 20:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cogadh, tharraing Ioab a‑mach neart an airm, agus chuir e fàs dùthaich chloinn Amoin, agus thàinig e agus theannaich e Rabah (ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem); agus bhuail Ioab Rabah, agus sgrios e e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cath, chuir Daibhidh uaithe Ioab, agus a sheirbhisich maille ris, agus Israel uile, agus sgrios iad clann Amoin, agus theannaich iad Rabah: ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem.

Agus nuair a thàinig Daibhidh gu Mahanaim, thug Sobi mac Nahais o Rabah chloinn Amoin, agus Machir mac Amieil o Loidebar, agus Barsillai an Giledach o Rogelim,

Agus thàinig am fàidh gu rìgh Israeil, agus thubhairt e ris, Falbh, neartaich thu fhèin, agus thoir fa‑near, agus faic ciod a nì thu; oir aig teachd mun cuairt na bliadhna thig rìgh Shiria a‑nìos ad aghaidh.

Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna ghabh Ben-hadad àireamh nan Sirianach, agus chaidh e suas gu Aphec a chogadh ri Israel.

Agus fhuair Elisa bàs, agus dh’adhlaic iad e: agus thàinig buidhnean nam Mòabach a‑steach don tìr aig teachd a‑steach na bliadhna.

Agus nuair a chunnaic seirbhisich Hadareseir gun do bhuaileadh iad ro Israel, rinn iad sìth ri Daibhidh, agus rinn iad seirbhis dha: agus cha chuidicheadh na Sirianaich le cloinn Amoin tuilleadh.

Feuch, is mise a chruthaich an gobha a tha a’ sèideadh suas nan èibhlean anns an teine, agus a’ toirt a‑mach acfhainn a‑chum a obrach; agus is mi a chruthaich am milltear a‑chum cur fàs.

An sin thubhairt mise, Cia fhad, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Gus an cuirear bailtean fàs, gun neach gan àiteachadh; agus taighean, gun duine a’ gabhail còmhnaidh annta; agus gum bi am fearann gu tur air a fhàsachadh;

Sònraich slighe, a‑chum gun tigeadh an claidheamh gu Rabat nan Amonach, agus gu Iùdah ann an Ierusalem, a’ chathair dhaingnichte.

Agus nì mi Tabah na crò airson chàmhal, agus clann Amoin na àite-laighe do threudan: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.

Ach fadaidh mise teine air balla Rabah, agus loisgidh e sìos a lùchairtean, le iolaich ann an là a’ chatha, le cuairt-ghaoith ann an là na doininn.

Oir bha Og rìgh Bhasain a‑mhàin a làthair de fhuidheall nam famhairean; feuch, a leabaidh, bu leabaidh iarainn i: nach eil i ann an Rabat chloinn Amoin? B’iad naoi làmhan-coille a fad, agus ceithir làmhan-coille a leud, a rèir làmh-choille duine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan