Agus mic Hesroin, a rugadh dha: Ierahmeel, agus Ram, agus Chelubai.
Agus ghin Ram Aminadab, agus ghin Aminadab Nahson, ceannard chloinn Iùdah;
Agus an dèidh do Hesron bàs fhaghail ann an Càleb-ephratah, an sin rug Abiah bean Hesroin Asur, athair Thecòah, dha.
Agus b’iad mic Ierahmeeil, ciad-ghin Hesroin, Ram an ciad-ghin, agus Bunah, agus Oren, agus Osem, agus Ahiah.
A‑nis b’iad mic Chàleib, bràthair Ierahmeeil, Mesa a chiad-ghin; b’esan athair Shiph; agus mic Mharesah athair Hebroin.
Agus mic Etain: Asariah.
Agus ghin Iùdas Phares agus Sara o Thamar, agus ghin Phares Esrom, agus ghin Esrom Aram,
Agus thàinig e don dùthaich mu thimcheall Iòrdain, a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais, a‑chum maitheanas pheacaidhean;
Agus ghin Hesron Ram, agus ghin Ram Aminadab.
Agus thubhairt Achis, Càit an do bhris sibh a‑steach an‑diugh? Agus thubhairt Daibhidh, Air an taobh deas de Iùdah, agus air an taobh deas de na Ierahmeelich, agus air an taobh deas de na Cenich.