Agus teaghlaichean Chiriat-iearim: na h‑Itrich, agus na Puthich, agus na Sumataich, agus na Misraich: uapasan thàinig na Sereataich, agus na h‑Estaulaich.
Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.
Agus chaidh a bhràithrean agus taigh a athar uile sìos, agus ghabh iad e, agus thug iad suas e, agus dh’adhlaic iad e eadar Sorah agus Estaol, ann an àit-adhlaic Mhanòah, a athair: agus thug e breith air Israel fichead bliadhna.