Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 2:52

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha aig Sobal, athair Chiriat-iearim, mic: Haroeh, Hatsi, Hameniot.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Salma athair Bhetlehem, Hareph athair Bhet-gadeir.

Agus teaghlaichean Chiriat-iearim: na h‑Itrich, agus na Puthich, agus na Sumataich, agus na Misraich: uapasan thàinig na Sereataich, agus na h‑Estaulaich.

Mic Shalma: Betlehem, agus na Netophataich, Atarot, taigh Ioaib, agus leth nam Manaheteach, na Soraich.

Agus ghin Reaiah, mac Shobail, Iahat, agus ghin Iahat Ahumai, agus Lahad. Is iad sin teaghlaichean nan Soratach.

Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan