An sin thubhairt Iùdah ri Tàmar, bean a mhic, Fan ad bhantraich ann an taigh d’athar, gus am fàs mo mhac Selah suas; oir thubhairt e, Air eagal gum faigheadh esan bàs mar an ceudna mar a fhuair a bhràithrean. Agus dh’fhalbh Tàmar, agus dh’fhan i ann an taigh a h‑athar.
Agus chòmhnaich ann an Ierusalem de chloinn Iùdah, agus de chloinn Bheniàmin: de chloinn Iùdah: Ataiah mac Udsiah, mhic Shechariah, mhic Amariah, mhic Shephatiah, mhic Mahaleleeil, de chloinn Phereis: