Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah: an triùir seo rugadh dha le nighinn Shuah a’ bhan-Chanàanach. Agus bha Er ciad-ghin Iùdah olc ann an sùilean an Tighearna, agus mharbh e e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain. Agus b’iad mic Phareids, Hesron agus Hamul.

Dan, Iòseph, agus Beniàmin, Naphtali, Gad, agus Aser.

Mic Iùdah; Phares, Hesron, agus Carmi, agus Hur, agus Sobal.

B’iad mic Shelah mhic Iùdah, Er athair Lecah, agus Laadah athair Mharesah, agus teaghlaichean taigh na muinntir a dh’obraich anart grinn do thaigh Asbea,

Agus de na Silonaich: Asaiah an ciad-ghin, agus a mhic.

B’iad mic Iùdah, Er agus Onan: agus fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain.

Agus b’iad mic Iùdah, a rèir an teaghlaichean; o Shelah, teaghlach nan Selanach: o Pharets, teaghlach nam Pharetseach: o Sherah, teaghlach nan Sarhach:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan