Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 2:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghin Segub Iair, aig an robh trì-ar‑fhichead de bhailtean mòra ann an tìr Ghilead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus na dhèidh sin chaidh Hesron a‑steach a dh’ionnsaigh nighean Mhachir, athair Ghilead, agus ghabh e i nuair a bha e trì-fichead bliadhna a dh’aois; agus rug i dha Segub.

Agus thug e Gesur agus Aram le bailtean Iair uapa, maille ri Cenat agus a bhailtean, eadhon trì-fichead baile mòr: bhuin iad sin uile do mhic Mhachir, athair Ghilead.

Agus thug Maois Gilead do Mhachir mac Mhanaseh; agus ghabh e còmhnaidh ann.

Agus chaidh Iaer mac Mhanaseh, agus ghlac e a bhailtean beaga, agus thug e Habhot-iair mar ainm orra.

Ghabh Iair, mac Mhanaseh, dùthaich Argoib uile gu crìochan Ghesuri, agus Mhaachati: agus thug e Basan-habhot-iair mar ainm oirre a rèir a ainme fhèin, gus an là‑an‑diugh.

Agus thug mi Gilead do Mhachir.

Agus bha an crìoch o Mhahanaim, Basan uile, uile rìoghachd Og rìgh Bhasain, agus uile bhailtean Iair, a tha ann am Basan, trì-fichead baile mòr:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan