Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 2:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na dhèidh sin chaidh Hesron a‑steach a dh’ionnsaigh nighean Mhachir, athair Ghilead, agus ghabh e i nuair a bha e trì-fichead bliadhna a dh’aois; agus rug i dha Segub.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic Iòseph clann Ephraim, den treas ginealach: thogadh suas mar an ceudna clann Mhachir mhic Mhanaseh air glùinean Iòseiph.

Agus ghin Hur Uri, agus ghin Uri Besalil.

Agus ghin Segub Iair, aig an robh trì-ar‑fhichead de bhailtean mòra ann an tìr Ghilead.

Mic Mhanaseh: Asriel, a rug i: (ach rug a choileabach, a’ Bhan-Aramach, Machir athair Ghilead.

De mhic Mhanaseh: o Mhachir, teaghlach nam Machireach; agus ghin Machir Gilead: o Ghilead thàinig teaghlach nan Gileadach.

An sin thàinig nigheanan Shelophehaid, mhic Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, de theaghlaichean Mhanaseh, mhic Iòseiph: agus is iad seo ainmean a nigheanan, Mahlah, Nòah, agus Hoglah, agus Milcah, agus Tirsah.

Agus chaidh Iaer mac Mhanaseh, agus ghlac e a bhailtean beaga, agus thug e Habhot-iair mar ainm orra.

Agus thug mi Gilead do Mhachir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan