1 Eachdraidh 2:17Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus rug Abigail Amasa: agus b’e athair Amasa Ieter an t‑Ismeeleach. Faic an caibideil |
Agus tillidh an Tighearna a fhuil air a cheann fhèin, do bhrìgh gun do bhuail e air dithis dhaoine a b’ionraice agus a b’fheàrr na e fhèin, agus gun do mharbh e leis a’ chlaidheamh iad, gun fhios dom athair Daibhidh, eadhon Abner mac Neir, ceannard sluagh Israeil, agus Amasa mac Ieteir, ceannard sluagh Iùdah.
Os bàrr, tha fhios agad ciod a rinn Ioab mac Sheruiah ormsa, agus ciod a rinn e air dà cheannard sluagh Israeil, air Abner mac Neir, agus air Amasa mac Ieteir; oir mharbh e iad, agus dhòirt e fuil a’ chogaidh anns an t‑sìth, agus chuir e fuil a’ chogaidh air a chrios a bha ma leasraidh, agus air a bhrògan a bha air a chasan.
An sin thàinig an spiorad air Amasai, am fear a b’inbhiche de na ceannardan, agus thubhairt e, Leatsa tha sinne, a Dhaibhidh, agus air do thaobh, a mhic Iese: sìth, sìth dhut, agus sìth dod luchd-cuideachaidh: oir tha do Dhia a’ còmhnadh leat. Agus ghabh Daibhidh iad, agus rinn e iad nan ceannardan na buidhne.