Agus rinn Absalom Amasa na cheannard air an t‑sluagh an àite Ioaib: agus b’e Amasa mac duine dom b’ainm Itra Israeleach, a chaidh a‑steach gu Abigail nighean Nahais, piuthar Sheruiah, màthair Ioaib.
Agus thubhairt Daibhidh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah, gum biodh sibh an‑diugh nur n‑eascairdean dhomh? An cuirear an‑diugh duine sam bith gu bàs ann an Israel? Oir nach eil fhios agam gu bheil mi an‑diugh am rìgh os cionn Israeil?
Agus chaidh Ioab mac Sheruiah agus seirbhisich Dhaibhidh a‑mach, agus choinnich iad a chèile aig lochan Ghibeoin: agus shuidh iad sìos, iad seo air aon taobh den lochan, agus iad siud air an taobh eile den lochan.
Agus tha mise an‑diugh anfhann ged tha mi ungte am rìgh; agus tha na daoine sin, mic Sheruiah, ro chruaidh air mo shon: dìolaidh an Tighearna do fhear-dèanaimh an uilc a rèir a aingidheachd.
An sin fhreagair Daibhidh, agus thubhairt e ri Ahimelech an Hiteach, agus ri Abisai mac Sheruiah, bràthair Ioaib, ag ràdh, Cò a thèid sìos maille riumsa a dh’ionnsaigh Shauil don champ? Agus thubhairt Abisai, Thèid mise sìos maille riut.