Agus ghin Ram Aminadab, agus ghin Aminadab Nahson, ceannard chloinn Iùdah;
Agus ghin Nahson Salma, agus ghin Salma Bòas,
Agus mic Hesroin, a rugadh dha: Ierahmeel, agus Ram, agus Chelubai.
Agus ghabh Aaron Elisèba nighean Aminadaib, piuthar Naasoin, dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar.
De Iùdah: Nahson mac Aminadaib.
Anns a’ chiad àite dh’imich bratach camp chloinn Iùdah, a rèir an armailtean; agus air ceann a shlòigh bha Nahson mac Aminadaib.
Agus air taobh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, suidhichidh luchd-brataich camp Iùdah, a rèir an armailtean: agus bidh Nahson mac Aminadaib na cheannard air cloinn Iùdah.
Agus esan a thug seachad a thabhartas air a’ chiad là, b’e Nahson mac Aminadaib, de threubh Iùdah.
Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Nahsoin mhic Aminadaib.
Agus ghin Aram Aminadab, agus ghin Aminadab Naason, agus ghin Naason Salmon,