Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 19:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig clann Amoin a‑mach, agus chuir iad an cath ann an òrdagh fa chomhair geata a’ bhaile: agus bha na rìghrean a thàinig leo fhèin anns a’ mhachair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig clann Amoin a‑mach, agus chuir iad an cath an òrdagh aig dol a‑steach a’ gheata: agus bha Sirianaich Shoba, agus Rehoib, agus Istoib, agus Mhaacah, leo fhèin anns a’ mhachair.

Agus thubhairt an rìgh riu, An nì sin a tha ceart nur sùilean, nì mise. Agus sheas an rìgh làimh ris a’ gheata, agus thàinig an sluagh uile a‑mach nan ceudan agus nam mìltean.

Agus chruinnich Ben-hadad rìgh Shiria a shluagh uile an ceann a chèile; agus bha dà‑rìgh-dheug ar fhichead maille ris, agus eich, agus carbadan: agus chaidh e suas agus theannaich e Samaria, agus chog e na aghaidh.

Agus dèan an nì seo, Thoir na rìghrean air falbh, gach fear as a àite, agus cuir ceannardan nan àite:

Agus nuair a chunnaic Ioab gu robh aghaidh a’ chatha ris air a bheulaibh agus air a chùlaibh, thagh e a‑mach cuid de uile dhaoine taghte Israeil, agus chuir e ann an òrdagh catha iad an aghaidh nan Sirianach.

Agus nuair a chuala Daibhidh sin, chuir e a‑mach Ioab, agus uile fheachd nan daoine treuna.

Agus chuir Abiah an cath an òrdagh le armailt de dhaoine treuna ann an cogadh, ceithir cheud mìle fear taghte: agus chuir Ierobòam an cath an òrdagh na aghaidh le ochd ceud mìle fear taghte, daoine treuna gaisgeil.

Agus chaidh Asa a‑mach na aghaidh, agus chuir iad an cath an òrdagh ann an gleann Shephatah aig Maresah.

Agus na spiorad breitheanais dhàsan a shuidheas ann am breitheanas; agus na neart dhaibhsan a thilleas air ais an cath a‑chum a’ gheata.

Am bogha agus an t‑sleagh glacaidh iad: tha iad fuileachdach, agus cha nochd iad tròcair: beucaidh an guth mar an fhairge, agus marcaichidh iad air eich ann an òrdagh mar dhaoine a‑chum a’ chatha, ann ad aghaidh-sa, O nighean Bhàbiloin.

Mar fharam charbad air mhullach nam beann leumaidh iad; mar thoirm lasair theine a loisgeas an asbhuain: mar shluagh làidir air an cur an òrdagh catha.

Agus chruinnicheadh Saul agus fir Israeil an ceann a chèile, agus champaich iad ann an gleann Elah, agus chuir iad an cath an òrdagh an aghaidh nam Philisteach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan