Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 19:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh daoine, agus dh’innis iad do Dhaibhidh mar a bhuineadh ris na fir; agus chuir esan teachdairean nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh chuir e daoine nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh.

Na làithean-san thog Hiel am Beteleach Iericho: ann an Abiram a chiad-ghin shuidhich e a bhunait, agus ann an Segub a mhac a b’òige chuir e suas a gheatachan, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh Iosua mhic Nuin.

Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bheàrr e iad, agus gheàrr e an aodach anns a’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad.

Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do rinn iad iad fhèin gràineil do Dhaibhidh, chuir Hanun agus clann Amoin mìle tàlann airgid a thuarasdalachadh charbad agus marc-shluaigh dhaibh à Mesopotamia, agus à Siria-maachah, agus à Sobah.

Agus nuair a chunnaic a cho-sheirbhisich na nithean a rinneadh, bha iad ro‑dhuilich, agus thàinig iad, agus dh’fhoillsich iad dan tighearna gach nì a rinneadh.

Gidheadh thòisich falt a chinn air fàs a‑rìs, an dèidh dha a bhith air a bhearradh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan