1 Eachdraidh 19:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Ach thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, An saoil thusa gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd-comhfhurtachd? Nach ann a rannsachadh, agus a ghabhail beachd air an fhearann, agus ga sgrios, a thàinig a sheirbhisich ad ionnsaigh? Faic an caibideil |
Agus thubhairt Daibhidh, Nochdaidh mi coibhneas do Hanun mac Nahais, a chionn gun do nochd a athair-san coibhneas dhòmhsa. Uime sin chuir Daibhidh teachdairean gu comhfhurtachd a thoirt dha mu thimcheall a athar: agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh do fhearann chloinn Amoin gu Hanun, a‑chum comhfhurtachd a thabhairt dha.
Agus chuir clann Dhain còignear den teaghlach on crìochan, daoine treuna, o Shorah agus o Estaol, a ghabhail beachd air an tìr, agus ga rannsachadh a‑mach; agus thubhairt iad riu, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus thàinig iad gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, agus dh’fhan iad an sin rè na h‑oidhche.
Agus bha fearg air ceannardan nam Philisteach ris; agus thubhairt ceannardan nam Philisteach ris, Thoir air an fhear seo tilleadh, a‑chum gun tèid e a‑rìs da àit a dh’òrdaich thu dha, agus na rachadh e sìos maille rinne don chath, air eagal gum bi e na nàmhaid againn anns a’ chath: oir cia leis a dhèanadh e a rèite ra mhaighstir? Nach ann le cinn nan daoine sin?