Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 19:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh, Nochdaidh mi coibhneas do Hanun mac Nahais, a chionn gun do nochd a athair-san coibhneas dhòmhsa. Uime sin chuir Daibhidh teachdairean gu comhfhurtachd a thoirt dha mu thimcheall a athar: agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh do fhearann chloinn Amoin gu Hanun, a‑chum comhfhurtachd a thabhairt dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh, A bheil fhathast neach air bith a dh’fhàgadh de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas airson Ionatain?

Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.

Agus thubhairt e ris, Abair a‑nis rithe, Feuch, ghabh thu cùram dar taobh-ne leis a’ chùram seo uile; ciod a tha ri dhèanamh air do shon? An àill leat labhairt air do shon ris an rìgh, no ri ceannard an t‑slòigh? Agus fhreagair ise, Am measg mo shluaigh fhèin tha mi am chòmhnaidh.

Agus an dèidh seo fhuair Nahas rìgh chloinn Amoin bàs, agus rìghich a mhac na àite.

Ach thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, An saoil thusa gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd-comhfhurtachd? Nach ann a rannsachadh, agus a ghabhail beachd air an fhearann, agus ga sgrios, a thàinig a sheirbhisich ad ionnsaigh?

Air an là sin leughadh ann an leabhar Mhaois ann an èisdeachd an t‑sluaigh, agus fhuaireadh sgrìobhte ann nach tigeadh an t‑Amonach agus am Mòabach a‑steach do choitheanal Dhè gu bràth;

Agus bha Tobiah an t‑Amonach làimh ris, agus thubhairt e, Eadhon an nì a tha iad a’ togail, ma thèid sionnach suas, brisidh e sìos am balla cloiche.

Ach nuair a chuala Sanbalat, agus Tobiah, agus na h‑Arabaich, agus na h‑Amonaich, agus na h‑Asdodaich, gu robh uile bhallachan Ierusaleim gan cur suas, gun do thòisich na beàrnan ri bhith air an dùnadh, an sin bha fearg mhòr orra,

Agus thubhairt an rìgh, Ciod an t‑urram agus an inbhe a thugadh do Mhordecai airson seo? Agus thubhairt òglaich an rìgh a fhritheil dha, Cha do rinneadh nì air bith air a shon.

Agus fhuaireadh innte duine bochd glic, agus theasairg e a’ chathair le a ghliocas; ach cha do chuimhnich neach air bith air an duine bhochd sin.

Agus thàinig mòran de na h‑Iùdhaich a‑chum Mharta agus Mhuire, gu comhfhurtachd a thoirt dhaibh a‑thaobh am bràthar.

Agus nuair a thàinig Daibhidh gu Siclag, chuir e cuid den chreich a dh’ionnsaigh seanairean Iùdah, eadhon a dh’ionnsaigh a chàirdean, ag ràdh, Feuch, tìodhlac dhuibh de chreich naimhdean an Tighearna:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan