Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 19:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic seirbhisich Hadareseir gun do bhuaileadh iad ro Israel, rinn iad sìth ri Daibhidh, agus rinn iad seirbhis dha: agus cha chuidicheadh na Sirianaich le cloinn Amoin tuilleadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus na dhèidh seo fhuair rìgh chloinn Amoin bàs, agus rìghich a mhac Hanun na àite.

Agus nuair a chunnaic na rìghrean uile, a bha nan seirbhisich aig Hadareser, gun do bhuaileadh iad ro Israel, rinn iad sìth ri Israel, agus rinn iad seirbhis dhaibh. Agus bha eagal air na Sirianaich còmhnadh a dhèanamh tuilleadh ri cloinn Amoin.

Agus chruinnich Ben-hadad rìgh Shiria a shluagh uile an ceann a chèile; agus bha dà‑rìgh-dheug ar fhichead maille ris, agus eich, agus carbadan: agus chaidh e suas agus theannaich e Samaria, agus chog e na aghaidh.

Agus nuair a chuala Ben-hadad an teachdaireachd seo, agus e fhèin agus na rìghrean ag òl anns na pàilleanan, thubhairt e ra sheirbhisich, Cuiribh sibh fhèin an òrdagh. Agus chuir iadsan iad fhèin an òrdagh an aghaidh a’ bhaile.

Agus chaidh ainm Dhaibhidh a‑mach do gach tìr, agus thug an Tighearna a eagal-san air na h‑uile chinnich.

Agus theich na Sirianaich ro Israel; agus mharbh Daibhidh de na Sirianaich fir seachd mìle carbad, agus dà‑fhichead mìle coisiche, agus mharbh e Sophach ceannard na h‑armailte.

Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cogadh, tharraing Ioab a‑mach neart an airm, agus chuir e fàs dùthaich chloinn Amoin, agus thàinig e agus theannaich e Rabah (ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem); agus bhuail Ioab Rabah, agus sgrios e e.

Oir chrioslaich thu mi le neart a‑chum catha; leag thu sìos fodham iadsan a dh’èireas suas am aghaidh.

Cho luath is a chluinneas iad, gèillidh iad dhomh; strìochdaidh coigrich dhomh.

Oir their e, Nach eil mo cheannardan uile nan rìghrean?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan