Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 19:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic na Sirianaich gun do bhuaileadh iad ro Israel, chuir iad teachdairean uapa, agus thug iad a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn; agus chaidh Sophach ceannard armailt Hadareseir romhpa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Hadadeser fios uaithe, agus thug e a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn, agus thàinig iad gu Helam; agus chaidh Sobach, ceannard armailt Hadareseir, romhpa.

Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do theich na Sirianaich, theich iadsan mar an ceudna ro Abisai a bhràthair, agus chaidh iad a‑steach don bhaile. An sin thàinig Ioab gu Ierusalem.

Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile, agus chaidh e thar Iòrdan, agus thàinig e orra, agus chuir e an cath ann an òrdagh nan aghaidh. Agus nuair a chuir Daibhidh an cath ann an òrdagh an aghaidh nan Sirianach, chog iad ris.

Carson a ghabh na cinnich boile, agus a smaoinich na slòigh nì dìomhain?

Cruinnichibh ri chèile, a chinneacha, agus brisear sibh nur bloighdean: èisdibh, sibhse uile a tha anns na dùthchannan fad as; crioslaichibh sibh fhèin, agus brisear sibh nur bloighdean; crioslaichibh sibh fhèin, agus brisear sibh nur bloighdean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan