An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais; agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartasan leo. Agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.
Agus o Thibat agus o Chun, bailtean Hadareseir, thug Daibhidh ro‑mhòran umha, leis an do rinn Solamh an fhairge umha, agus na puist, agus na soithichean umha.